


Staffin hosts the most impressive collection of Scottish dinosaur remains. THEY have been found in the Jurassic rocks on this coast. Here you can COMPARE your own footprint with the dinosaur footprints. GUESS which Jurassic footprint is that of the ornithopod discovered at Brothers’ Point in 1982. LOOK out for the giant footprint of a carnivorous dinosaur, found at An Corran, another Ceumannan site. Several of the actual prints are visible there, although frequently covered by sand. The world’s smallest DINOSAUR footprint was also discovered locally in 2004. The original is to be seen in the Hunterian Museum in Glasgow but you will find a replica in the Staffin Museum nearby.
Tha Dùghall Ros, eòlaiche air fosailean nan dìneasair agus aig a bheil taigh-tasgaidh ri làimh, ag innse beagan mu na fosailean àrsaidh a chaidh a lorg air cladaichean an Taobh Sear – cuid dhiubh a chaidh a lorg leis fhèin.
"Nuair a bha mi na mo dheugaire, bhithinn a’ faicinn lorgan nan dìneasair air na clachan, ach aig an àm sin cha robh mi cinnteach dè bha na lorgan a’ ciallachadh. ’S ann anns na 1970an a smaoinich mi gur e an aon rud ’s a bha mi fhìn air fhaicinn nam òige. Is e oileanaich clach-eòlais a dhearbh an toiseach gur e lorgan dhìneasair a bha annta. Is ann an 1994 a chaidh an dàrna rud a lorg – fosail cetiosaurus an triop seo. Is e latha mòr a bha sin dhòmhsa agus dhan t-saoghal mhòr. Is e tionndadh na mo bheatha a bha ann. Thug seo an cothrom dhomh slighe eile a ghabhail leis an taigh-tasgaidh agam. Rud a b’ iongantaiche a thachair nam obair, is e an latha a fhuair mi làraichean-coise àil òig de dhìneasairean a leanail am pàrantan – fianais a tha air leth ainneamh ann an saoghal an eòlais seo."
